Museum & Tasglann







Tha an Comann a’ strì ri dualchas muinntir Cheann a Loch a chumail beò le bhith a’ rannsachadh agus a’ gleidheadh eachdraidh, beul-aithris, sloinntearachd agus cultar an àite.
Tha an Comann a’ cur fa chomhair an t-sluaidh stuthan a chaidh a chruinneachadh bho thòisich an Comann Eachdraidh agus a bha a’ foillseachadh dòigh beatha na sgìre tràth san fhicheadamh linn.
Anns an tasglann againn tha dealbhan agus fiosrachadh sgrìobhte, a bharrachd air stuthan a tha air leth sònraichte a chaidh thoirt dhuinn. Am measg nan stuthan sin, a chaidh a chruinneachadh thar trichead bliadhna, tha eididhean shaighdearan agus stuthan cogaidh a’ dol air ais chun an naoidheamh linn deug suas chun an là-an-diugh. Bho àm gu àm tha na stuthan sin, còmhla ri na cruinnichidhean eile, air an taisbeanadh don mhòr-shluadh anns na seòmraichean againn.
Uairean- fosglaidh an taigh-tasgaidh: Diluain – Disathairne: 10m-4f
£2 airson faighinn a steach. Tha clann fo aois 16 dol an-asgaidh
Tha an Comann a’ foillseachadh leabhraichean a tha cudromach do dh’eachdraidh, dulchas agus cultar an àite. Am measg sin, tha ‘Gleanings’, cùnntas mionaideach air sloinntearachd muinntir Cheann a’ Loch, a’ dol air ais cho fada ri 1790. Gu mi-fhortanach, tha leabhar-sa nis a-mach à clò, ach tha e ri cheannach mar leth-bhrec PDF.
Tha sinn cuideachd a’ clò-bhualadh an iris “Dioghlum”, a tha air a bhith a’ tighinn a-mach dà uair sa bhliadhna bho 1993.
Tha sinn ag obair còmhla-ri oilthighean agus buidheannan eile air pròiseatan sònraichte. Aig an àm seo, tha sinn an sàs comhla ri Oilthigh Rìoghail na h-Albainn, ann am Pròiseatan Clann ‘Ic Choinnich – Na Siophoirtich. Tha seo a’ gabhail a-steach a’ rannsachadh eachdraidh Clann Mhic Choinnich a thàinig a Leòdhas sa bhliadhna 1610 agus a rinn an dachaigh aig Loch Shiòphairt, sa sgìre fhìn. ’S ann bhuapa-san a thàinig an rèisimeid, Na Sìophartaich.

Comann Eachdraidh Chinn Loch,
Hub Coimhearsnachd,
Balallan,
HS2 9PN
Tel: 01851 830778
Uairean Fosglaidh
- Diluain - Dihaoine: 10 am – 4 pm
- Disathairne: Dùinte
- Là na Sàbaid: Dùinte