Ionad Coimhearsnachd

Dh’ fhosgail ionad-coimhearsnachd Cheann a’ Loch ann an 2019 as dèidh dha bhith ath-nuadhachadh, agus tha e suidhichte air a’ phrìomh rathad, lethach slighe eadar Steòrnabhagh agus An Tairbeart air an A859. Gheibhear pairceadh chàraichean, agus cuideachd àite cosgais airson càraichean dealain.

Bùth

Gheibhear ri cheannach sa bhùth iomadh seòrsa nì agus prèasantan air an dèanamh gu h-ionadail. Gheibhear cuideachd leabhraichean air fhoillseachadh le Urras Leabhraichean nan Eilean, agus na leabhraichean ’s bileagan fiosrachaidh a chuir Comann Eachdraidh Cheann a’ Loch fhèin an clò.

Bùth Carthannais

’S iad muinntir na sgìre fhèin a tha a’ coimhead às dèidh a’ bhùth charthannais gu saor-thoileach. Dh’fhosgail i ann an 2014 san t-seann sgoil ach tha i an-diugh stèidhichte ann an togalach sònraichte dhith fhèin.

Tha Comann Eachdraidh Cheann a’ Loch an còmhnaidh a’ sireadh daoine airson obair gu saor-thoileach an luib nan goireasan seo. Tha luach mhòr air a chuir air an luchd-obrach a tha cho deiseil ‘s deònach cuideachadh. Às aonais an cuid taic, cha b’urrainn dhan Chomann goireasan leithid na bùtha no ionad-nighe a bhith againn.

Oifis airson Màl

Chaidh togalach na seann-sgoile a’ leasachadh às ùr air sgàth ’s gu bheil còig oifisean innte a tha freagarrach airson an leigeil à-mach air màl. ’S a’ phàirt seo den làraich tha cuideachd cidsin agus taighean beag a tha freagarrach airson a h-uile duine.

Ionad Nighe

Feumaidh sibh fhèin na h-innealan obrachadh.

Cuimhnich nach eil pùdar nighe ri fhaighinn anns an ionad-nighe.

Gabhaidh iad £1-£2

Uairean fosglaidh: Diluain – Disathairne 9:00 am – 7:00 pm

laundrette
Scroll to Top