Pròiseact Clann ‘Ic Coinnich agus na Sìophortaich
‘S e amas a’ phròiseact gun tèid an t-àm cudromach ann an eachdraidh na sgìre a rannsachadh agus a chlàradh agus gun tèid am fiosrachadh a chleachdadh ann an oidhirp luchd-turais a thàladh gu sgìre a tha iomallach. A-rèir beul-aithris agus clàraidhean sgrìobhte, sann ‘s a’ bhliadhna 1610 a shuidhich Clann ‘Ic Coinnich iad fhèin aig Ceann Loch Sìophort nuair a ghabh iad thairis Eilean Leòdhais bho Clann ‘Ic Leòid.
Chithear na ceanglaichean a bh’ aig na cinnidhean dhan sgìre le bhith cleachdadh an tiotal Iarlaichean na Sìophortaich agus gun robh Rèisimeid Ghàidhealach nan Sìophortach air a stèidheachadh ann. Dh’fhuirich iad stèidhichte san sgìre ceithir fichead bliadhna mus do ghluais iad a’ phrìomh oifis aca à Steòrnabhagh.
Na h-Amasan:
- An làrach aig Ceann Loch Sìophort a rannsachadh agus a mhìneachadh do luchd-turais an dà chuid air an làraich agus aig an Ionad Coimhearsnachd.
- Tuigse fhaighinn air an arc-èolas co-cheangailte ris an àite agus faicinn na tha leithid ag innse dhuinn mun dòigh beatha a bh’ aig na daoine ‘s na seann làithean.
- Cothrom a thoirt do mhuinntir na sgìre a bhith an sàs.
- Ceanglaichean a leasachadh eadar co-chomainn Chlann ‘Ic Coinnich air feadh an t-saoghail.
- Prìomhachas turasachd a thoirt dhan sgìre.
Aig a’ cheann thall am fiosrachadh a chleachdadh mar dhòigh air cruth-tire a ghleidheadh gu sàbhailte’s gum faigh na ginealaichean ri teachd tuigse agus tlachd as.